Crathadh air na lìogan iomain

Image copyright Comann nan Camanachd
Image caption Thug Comann na Camanachd dà phrìomh adhbhar son structar nan lìogan atharrachadh.

Dh' innis bòrd stiùiridh Chomann na Camanachd aig a' choinneimh bhliadhnail aca oidhche h-Aoine gun tèid am Prìomh Lìog a lùghdachadh ann an 2014 bho 10 sgiobaidhean gu 8.

A thuilleadh air a sin, gabhaidh lìog nàiseanta eile, (A' Chiad Lìog Nàiseanta) àite Na Ciad Roinn a Tuath agus A' Chiad Roinn a Deas.

Bidh 8 sgiobnaidhean anns A' Chiad Lìog Nàiseanta ùr.

Thèid an dà sgioba a chrìochnaicheas anns an dà àite mu dheireadh ann am Prìomh Lìog na bliadhna sa dhan Chiad Lìog Nàiseanta.

Gabhaidh na 3 sgiobaidhean as fhèarr bhon Chiad Roinn a Tuath agus Roinn a Deas na h-àitichean eile.

Thar nam mìosan mu dheireadh tha Comataidh sgrùdadh chò-fharpaisean na Camanachd air a bhith a' toirt sùil air dè na cruthan a bu fhreagarraiche son nan lìogan.

Thug Comann na Camanachd dà phrìomh adhbhar son structar nan lìogan atharrachadh.

  1. Airson an àireamh de gheamaichean sa Phrìomh Lìog a lùghdachadh.
  2. Airson farpais nas fhèarr a chruthachadh a-measg nan sgiobaidhean as fhèarr taobh a-miugh a' Prìomh Lìog.

Tha Friseal MacCoinnich air Comataidh sgrùdadh cò-fharpaisean na Camanachd.

"Cha robh iad cinnteach dè seòrsa cruth a bu chòir a bhith air a' gheama, ach cha robh iad toilichte leis an t-seòrsa cruth a bh'ann", thuirt e.

A-rèir cheann-suidhe Comann na Camanachd, Èirdsidh Robasdan, tha dòchas ann gum bi na lìogan ùra soirbheachail.

"Tha sinn an dòchas gur e ceum adhartach a th' ann, seo na thàinig a-mach às a' cho-chomhairleachadh…chì sinn rè ùine am bi e soirbheachail."

'Tha sinn a' tuigsinn bho na bliadhnaichean mu dheireadh gun atharraich cùisean gu math aidhchearr agus tha feum air sùil a chumail fad na h-ùine air structar nam farpaisean.'

Tòisichidh sèasan 2013 air 2n là den Mhàrt, is thèid na lìogan ùra an cuir an gnìomh aig deireadh na sèasan sin.