Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba pàipear le moladh gum biodh là neo-eisimeileachd na h-Alba ann sa Mhàirt 2016, ma bhòtas an sluagh airson neo-eisimeileachd anns an referendum an ath-bhliadhna. Bhiodh an uairsin taghadh ann do Phàrlamaid na h-Alba sa Chèitean ann an 2016. Thuirt Alasdair Darling, ceannard na h-iomairt "Better Together" airson an aonaidh, nach eil cus earbsa aige sa chlàr-ama sin.

Eucoir dhrabasda

Chuir poilis duine, a tha 65, an grèim ann an ceann a deas Lunnainn. Tha e an grèim fo amharas mu eucoir dhrabasda mar phàirt den rannsachadh a chaidh a stèidheachadh an dèidh na sgaineal mu Jimmy Savile. Thuirt na poilis nach eil gnothach, air dhòigh sam bith, aig na casaidean seo ri Jimmy Savile.

Pòsaidhean gèidh

Rinn triùir de dh'àrd mhinistearan Dhàibhidh Chamshroin oidhirp air toirt air buill-phàrlamaid Tòraidh bhòtadh le molaidhean an riaghaltais airson pòsaidhean gèidh ann an Taigh nan Comantan a-nochd. Chuir an Seansalair, Seòras Osborne, Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, agus Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, litir eadar iad dhan Daily Telegraph agus iad ag ràdh gu bheil beachdan mu dhaoine gèidh air atharrachadh agus gur e seo an rud ceart a dhèanamh. Tha e coltach gu bheil suas ri leth de na a buill Tòraidh am beachd bhòtadh an aghaidh an riaghaltais.

BP

Thuit prothaid na companaidh ola BP mu 18% an-uiridh agus i fhathast a' fulang leis an tubaist mhòir far chladach Mhexico bho chion trì bliadhna. Sheas prothaid na buidhne aig beagan a bharrachd air £11b suas aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Port Rìgh

Togaidh am Ball Pàrlamaid, Dàibhidh MacThòmais, ceist le Riaghaltas na h-Alba an diugh mu sgoil Ghàidhlig ùr ann am Port Rìgh agus e ag ràdh gu bheil esan airson gun tèid am proiseact air adhart cho luath sa ghabhas. Chuir Comhairle na Gàidhealtachd sgeama airson sgoil ùr agus ostail àrd sgoile - a chosgadh mu £12m - sa phrògram chalpa airson 2015 gu 2016.