Drabasdair air ais an grèim
- Air fhoillseachadh
Fhuair poilis sa Ghàidhealtachd grèim air drabasdair a bha air teicheadh às ionad slàinte inntinn ann an Inbhir Nis.
Chaidh Scott Moireach, 27, fhaighinn ciontach cheana air casaidean drabastachd, is tha e a' faighinn cùram ann an ionad tèarainte aig Ospadal New Craigs ann an Inbhir Nis.
Fhuair e ma sgaoil bhon ionad madainn Diciadain.
Bha Poilis a Chinn a Tuath air innse gu bheil Moireach na chunnart dhan phoball is nach bu chòir do dhuine a dhol faisg air.
Chuir iad Moireach an grèim a-rithist oidhche Chiadain.
Cha do dh'innis NHS na Gàidhealtachd fhathast ciamar a chaidh aig Moireach air teicheadh bhon ospadal sa chiad dol a-mach.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh