Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Uisge-beatha

Thuirt Comann Uisge-beatha na h-Alba gun lean strì an aghaidh bun-phrìs air deoch-làidir, a dh'aindeoin rannsachadh ann an Canada a sheall gu bheil am poileasaidh sin a' gearradh bàs le buaidh na dibhe. Tha an rannsachadh ann am British Columbia ag ràdh le àrdachadh 10% air prìs na dibhe, gun robh an treas cuid nas lugha de bhàs ann le tinneasan co-cheangailte ri deoch-làidir. Thuirt Gavin Hewitt - Àrd Oifigeach Comann an Uisge-bheatha - nach eil esan a' gabhail ris a' cheangal sin.

Glaschu

Thèid bun-sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh ann an Glaschu agus Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn £800,000 airson na sgoile ann am Pollokshields. Tha an Sgoil Ghàidhlig a th'ann, ann an Woodside, làn le còrr 's 680 leanabh a' dol innte. Tòisichidh obair air an sgoil ùr san t-Sultain le dùil gum bi i fosgailte ann an 2015.

Sgoiltean eileanach

Tha mì-chinnt ann fhathast mu thrì sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar; Àrd-sgoil Shiaboist agus bun-sgoiltean Charlabhaigh agus Sheileboist, a tha Comhairle nan Eilean Siar airson a dhùnadh. Thuirt Cùirt an t-Sèisein an-dè gu bheil còir aig a' chomhairle na sgoiltean a dhùnadh, ach gu bheil còir cuideachd aig an riaghaltas a dhol gu lagh airson stad a chur air a' chomhairle. Thèid an gnothach gu èisdeachd eile sa chùirt.

Buidseat

Tha a' mhòr-chuid de chomhairlean na h-Alba a' cur buidseat na bliadhna seo tighinn air dòigh an diugh. Tha a h-uile dùil ri gearraidhean leis gu bheil na h-ùghdarrasan ionadail air an cuingealachadh gu mòr leis nach fhaod iad àrdachadh sam bith a dhèanamh air a' chìs-chomhairle.

HMV

Theid aon deug de bhùithean HMV ann an Alba a dhùnadh agus a' bhuidheann ann an rianachd. Tha còig dhiubh ann an Dùn Èideann, trì ann an Glaschu agus an còrr eadar Dùn Phris, An Eaglais Bhreac agus Cathair Chaladain. Air feadh Bhreatainn dùnaidh 66 bùth, a tha a' toirt cosnadh do chòrr 's 900 duine.

Stuart Hall

Chaidh an craoladair Stuart Hall mu choinneimh na cùirte ann am Preston fo chasaidean drabasdachd eadar na 1960'an agus na 1980'an. Cha tuirt Hall, 83, dad ris a' chùirt ach ainm agus àite-fuirich a dhearbhadh. Chaidh a shaoradh air urras airson tilleadh dhan chùirt ann am Preston air an 1mh den Mhàirt.

Iasgach

Tha Comataidh Leasachaidh Seasmhach Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba casg teann a chur air bàtaichean iasgaich a' chost an ear bho iasgach nam maosgan caola sa Chuan Sgìth. Ghearain iasgairean a' chost an iar gu làidir an-uiridh nuair a thàinig bàtaichean a' chost an ear agus iad seachdainean ag iasgach mus do chuir Riaghaltas na h-Alba stad orra. Tha cuid de bhuill na comataidh ag iarraidh casg orra fad na bliadhna.