Coinneamh ga h-iarraidh mu RET

Bàt-aiseig
Image caption Thugadh cothrom air RET bho charbadan bathair.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh coinneimh as ùr le Ministear na Còmhdhail aig Riaghaltas na h-Alba, Keith Brown, mun cho-dhùnadh aige sgeama faraidhean-aiseig an RET a thoirt air falbh bho chompanaidhean bathair.

Bidh RET a' toirt lùghdachaidh susbainntich air faraidhean aiseig air slighean sònraichte do luchd-siubhail.

Fhad 's a bha an RET aig ìre dheuchainn, fhuair carbadan coimearsalta cothrom air, a thuilleadh air luchd-siubhail eile.

Tha duil ri aithisg a dh'aithghearr a bheir dearbhadh air an droch-bhuaidh a thàinig air eaconamaidh nan eilean nuair a chaidh RET a thoirt air falbh bho làraidhean.

"Tha a' bhuidheann obrach fhathast a' feuchainn ri dearbhadh an deach dha-rìribh buannachd bhon RET a chur tarsainn dhan fheadhainn a tha a' fuireach sna h-Eileanan, leis an fheadhainn a tha a' giùlain a' bhathair dha na h-eileanan," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"'S e am faireachdainn a bh' aig a' choinneimh, gu bheil e follaiseach gun robh iad dha-rìribh a' dèanamh sin.

"Agus tha sin a' ciallachadh gun robh an co-dhùnadh a chaidh a dhèanamh an RET a thoirt air falbh bhon fheadhainn a tha a' giùlain bathair, stèidhichte air fiosrachadh nach robh ceart.

"Ma tha an aithisg a' sealltainn ann an dòigh gu math soilleir gun robh am prionnsabal air an deach an co-dhùnadh sin a dhèanamh stèidhichte air fiosrachadh nach robh ceart, tha sinn gu bhith ag iarraidh air an Riaghaltas agus Ministear na Còmhdhail an co-dhùnadh atharrachadh, agus RET a chur air ais air na làraidhean 's carbadan a bhios a' giùlain bathair dha na h-Eileanan," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile