£1m a bharrachd airson calaidhean a chàradh
- Published
Gheibh calaidhean ann an Alba a chaidh a mhilleadh ann an stoirmean o chionn ghoirid £1m a bharrachd de thaic-airgid airson obair-càraidh èiginnich.
Gheibh calaidhean Inbhir Ùige, Baile an Todhair, Lybster agus Port Mo Cholmaig air Ghàidhealtachd, Ceann Phàdraig is Inbhir Lòsaidh san ear-thuath, agus Dùn Bàrr ann an Lodainn, earrainnean den airgead.
Thathas fhathast a' tomhais na chosgas obair-càraidh air cala na Bruaiche.
Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead, gun robh Riaghaltas na h-Alba a' cur ris an oidhirp a th' ann gus an damaiste a chàradh.
"Nuair a thadhail mise agus ministearan Albannach eile air calaidhean timcheall na h-Alba às dèidh nan stoirmean a bh' ann o chionn ghoirid, bha an sgrios a rinneadh gu math follaiseach.
"Gidheadh, a thuilleadh air sin, bha e cuideachd follaiseach gun robh coimhearsnachdan nan calaidhean sin gu mòr airson co-obrachadh gus an càradh.
"Air taobh an Riaghaltais dheth, tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile gus buile nan stoirmean a mheas gu h-iomlan, agus dh'iarrainn taing a thoirt don a h-uile duine airson an cuid saothrach.
"Thèid an taic-airgid seo mu choinneimh obair-càraidh air ballachan agus cidheachan cudromach, agus cuidichidh e gus na calaidhean a chàradh cho luath 's a ghabhas sin dèanamh," thuirt e.
Tha an taic-airgid ga roinn a-mach fo Achd an Iasgaich 1955.