Cead ga dhiùltadh do thuath-gaoithe deas air Inbhir Nis
- Published
Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do phlanaidhean airson tuath-gaoithe connspaideach faisg air Deimhidh, deas air Inbhir Nis.
Bha Craggie Wind Farm Energy air innse gun toireadh iad £130,000 sa bhliadhna seachad do Cholaiste Inbhir Nis UHI nam faigheadh an tuath-gaoithe - a chruthaicheadh dealan do 18,600 dachaigh - cead.
Bha a' chopmpanaidh air tagradh a thogail leis an Riaghaltas, is Comhairle na Gàidhealtachd air cead a dhiùltadh dhaibh airson tuath anns am biodh 13 crainn.
Dh'aontaich an Riaghaltas gun toireadh e droch bhuaidh air an sgìre.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh