Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' chiad phàipear ann an sreath a' comihead air a' bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd do dh'Alba air an dùthaich. Tha e a' nochdadh comhairle bho dhithis eòlaichean air lagh eadar-nàiseanta mun t-seasamh a bhiodh aig Alba fon lagh. A rèir nan eòlaichean 's e stàit gu tur ùr a bhiodh ann an Alba neo-eisimeileach, a' ciallachadh gum feumadh i cur a-steach airson ballrachd anns an Aonadh Eòrpach, agus nach biodh gin de na còrdaidhean eadar-nàiseanta a th' aig Breatainn a' buntainn rithe.

Iomairt Theasairginn

Tha còrr air 100 luchd-teasairginn a-muigh a' sireadh sianar shreapadairean a th' air chall anns a' Mhonadh Ruadh. 'S i buidheann à Leeds a th' annta, 's cha chualas bhuapa bho fheasgar an-dè. Bha iad ann an duilgheadas ann an Coire an t-Sneachda, no Coire an Lochain. Tha droch aimsir a' cur maill air luchd-teasairginn, agus droch chathadh ann. Tha e a' ciallachadh, am measg eile, nach urrainn dhaibh heileacoptair a chur an-àirde.

Inbhir Pheofharain

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' dèiligeadh ri teine ann am meadhan Inbhir Pheofharain, ged a tha e a-nise fo smachd aca. Thòisich an teine timcheall air far a bheil an Taigh-òsta Rìoghail air an Àrd-Shràid. Tha ochd einnseanan-smàlaidh fhathast an làthair. Tha na Poilis ag iarraidh air daoine fuireach air falbh bho mheadhan a' bhaile an-dràsta. Tha an t-Àrd-Shràid agus Sràid a' Chnuic dùinte. 'S e ostail do dhaoine gun dachaigh a bh' anns an Taigh-Òsta Rìoghail. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise a' sireadh àite-fuirich do naoinear aca.

Drochaid Cheasaig

Cha robh cùisean buileach dona dha trafaig air Drochaid Cheasaig an-diugh, 's iad air aon taobh dhith a dhùnadh airson obair-càraidh mhòir. Tha coltas gun do dh'fhàg mòran dhaoine san Eilean Dubh an dachaigh na bu tràithe na an àbhaist airson faighinn a dh'obair ann an Inbhir Nis, agus gun cuidich sin le cùisean. Tha mòran dhaoine a ghabh bus cuideachd. Ach a dh'aindeoin sin, bha dàil timcheall air 20 mionaid ann do chuid aig amannan.

Feòil-Eich

Tha luchd-iomairt chòirichean bheathaichean a' cumail a-mach gun deach na mìltean each à Poblachd na h-Èireann a reic gu mì-laghail ri ionadan giollachd bìdhe air feadh na Roinn Eòrpa. A rèir Buidhne Dìon Bheathaichean Uladh, reic eucoirich na h-eich a' cleachdadh phàipearan fuadain agus sgealban micro a bh' air an ceannach air an eadar-lìon.

Calanais

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead do chroitear dà chrann-gaoithe a thogail mu choinneimh Tursachain Chalanais. Bha Tormod Dòmhnallach airson na crainn, 67tr, a thogail ann am Beàrnaraigh. Thug Comhairle nan Eilean Siar cead dha ron a seo, an aghaidh comhairle nan oifigearan dealbhachaidh aca. Ach thuirt an Riaghaltas nach biodh an leasachadh a chum maith na dùthcha.