BBC Naidheachdan

Sreapadair marbh air ainmeachadh

Published

Chaidh fireannach a fhuaireadh marbh às dèidh iomairt theasairginn mhòir sa Mhonadh Ruadh ainmeachadh.

Lorgadh Graham Connell, a bha 31 agus à Castleford ann an Yorkshire, ann an sgìre an Jacob's ladder Diluain, às dèidh mar a thugadh còignear a bha còmhla ris gu sàbhailteachd le heileacoptair.

B' ann à Cluba Coiseachd Oilthigh Leeds a bha a' bhuidheann.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Corp ga lorg anns a' Mhonadh Ruadh