BBC Naidheachdan

Bùth nas motha air fàire do Phort Rìgh?

Published
image copyrightPA
image captionTha oifigich a' moladh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad.

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt cead-dealbhachaidh a thoirt dhan Cho-Operative gus leasachadh agus leudachadh a dhèanamh air a' bhùth a th' aca ann am Port Rìgh.

Tha grunn ghearainnean air a bhith ann nach eil an Co-operative a' cumail seirbheis mhath ri muinntir an eilein, gu bheil na sgeilfichean gu tric falamh agus gu bheil na prìsean gu math àrd.

Ach tha a' bhuidhean airson a' bhùth a th' aca air rathad Dhùn Bheagain ann am Port Rìgh a leudachadh.

A bharrachd air sin rachadh trì bùthainean eile a thogail air an làraich a th' aca an-dràsta. Bhiodh co-dhiù aonan dhiubh a' reic bìdh.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh ag ràdh gun cuireadh iad fàilte air roghainn nas fheàrr de bhiadh agus goireasan agus gu bheil iad an dòchas gum brosnaich e farpais anns an eilean.

Tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead-dealbhachaidh a thoirt dhan phròiseact.

Thèid iarraidh air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath an taic a chur ris na planaichean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Comhairle na Gàidhealtachd (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh