Wheelhouse sna h-Eileanan Siar mu SAC
- Published
Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gu bheil e airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air carson a tha na h-uidhir a' seasamh an aghaidh phlannaichean gus sgìre ghlèidhte mhara a' stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh.
Tha iasgairean na sgìre ag ràdh gu bheil na planaichean, a tha ag amas air sgìrean den mhuir a ghlèidheadh airson nàdair, a' cur am bith-beò ann an cunnart.
Tha am Ministear anns na h-Eileanan Siar mar phàirt de thuras dà là, agus thuirt e gu bheil e ag iarraidh barrachd chòmhraidhean, ge b' e dè an co-dhùnadh, airson dèanamh cinnteach gun tèid an sgìre a ruith gu maith mhuinntir an àite.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh