Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Farchluais Fònaichean

Chuir na Poilis a tha a' rannsachadh farchluais air fònaichean aig an News of the World, sianar luchd-naidheachd an grèim. Bha an triùir fhireannach 's an triùir bhoireannach ag obair dhan phàipear. Tha na Poilis gan ceasnachadh aig stèiseanan ann an Lunnainn, 's ann an Cheshire. Thuirt na Poilis gu bheil iad air cùisean as ùr a lorg, a' dol air ais gu 2005 's 2006. Sin a bharrachd air an fheadhainn air an deach casaidean a chur ron a seo.

Tubaist-rathaid

Tha dithis fhireannach air bàsachadh an dèidh tubaist-rathaid air an A83 aig a' Chàrn Dhubh aig ceann Loch Fìne an Earra-Ghàidheal. Bha an dithis ann am bhana Peugeot a bh' ann an tubaist le làraidh feasgar an-dè. Bha iad 20 bliadhna, agus 24 bliadhna de dh'aois. Chaidh dràibhear na bhana a goirteachadh ach cha robh e dona, 's fhuair dràibhear na làraidh às gun ghoirteachadh.

Sconnsair

Tha an rathad tron Eilean Sgitheanach dùinte ann an Sconnsair an dèidh mar a chuir làraidh car dhith air an rathad faisg air Sconnsair. Tha na Poilis an dòchas gun tèid sin a ghluasad às an rathad ro mheadhan là. Tha dòigh troimhe an-dràsta tro bhaile Sconnsair fhèin, ged nach eil an rathad sin iomchaidh airson làraidhean.

Drochaid Cheasaig

Tha na Poilis ag iarraidh air dràibhearan Drochaid Cheasaig a sheachnadh an-dràsta ma 's urrainn dhaibh 's iad a' feuchainn ri crann-togail a ghluasad far na drochaid. Tha dàil air carbadan an-dràsta, agus tha iad ag iarraidh air daoine a bhith foighdinneach.

Seirbheisean Adhair

Tha ìmpidh ga cur air Comhairle nan Eilean Siar gun seirbheisean adhair eadar Barraigh, Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh a ghearradh. Thog Ball-Pàrlamaid nan Eilean, Aonghas Brianan MacNìll, draghan agus an t-ùghdarras ionadail am beachd cuid de na seirbheisean a ghearradh gus am buidseat aca a chothromachadh.

Tuathan-gaoithe

Tha a' Ghàidhealtachd a' ruith a-mach à àiteachan airson tuathan-gaoithe a chur, a rèir Cathraiche Comataidh Dealbhachaidh na sgìre. Bha Iseabail NicCaluim a' bruidhinn an dèidh do chomhairlichean cur an aghaidh phlanaichean airson dà thuath-gaoithe ann an Cataibh anns am biodh 61 chrann eatorra. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba a-nise rannsachaidhean poblach ionadail a chumail mu leasachadh Ghleann Mhuire faisg air Àird Ghaoithe agus Dal an Easaidh faisg air an Luirg.

Comórtas Filíochta

Tha cuireadh ga thoirt do dhaoine cur a-steach airson duais chliùitich bàrdachd airson Gaeilge na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba. 'S e Cómhdháil Náisiúnta na Gaeilge ann an Èirinn a tha a' ruith Comórtas Filíochta an Choirneil Eoghain Uí Néill. Tha duaisean de €500 rim faighinn am bliadhna, agus tha iad airson cur an cuimhne dhaoine gum feum na dàin a bhith a-staigh ron 15mh là den Mhàrt.