Comhairlean ag aontachadh am buidseatan

  • Air fhoillseachadh
Airgead
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil ri gearraidhean tòrr nas motha ann am Moireibh thar an ath thrì bliadhna.

Beachdaichidh Comhairle nan Eilean Siar air a' bhuidseat aca Diardaoin 's iad gu bhith a' feuchainn ri airgead a shàbhaladh thairis air an dà bhliadhna a tha romhainn.

Am measg rudan eile, bidh iad a' coimhead air tideseran sònraichte a bhios a' tadhail air bun-sgoiltean, agus seirbheisean adhair eadar Barraigh is Beinn nam Fadhla.

Ann an Earra-Ghàidheal tha eagal ann gum faodadh faisg air 700 dreuchd a bhith ann an cunnart aig a' Chomhairle thairis air an ath sheachd bliadhna, 's buill na sgìre cuideachd gu bhith a' beachdachadh air a' bhuidseat Diardaoin.

Feumaidh iad £5.8m a shàbhaladh anns a' bhliadhna a tha romhainn.

Am measg nan rudan air am faodadh na gearraidhean bualadh, tha a' Ghàidhlig, le moladh £100,000 a ghearradh bho na bheireas an t-ùghdarras iondail de mhaoineachadh don chànan.

Tidsearan-taice is Leabharlannan

Ann am Moireibh tha comhairlichean air gabhail ri gearraidhean luach £7m anns a' bhuidseat aca airson na bliadhna a tha romhainn.

Ghabh buidheann-riaghlaidh na Comhairle ri atharrachadh aig a' mhionaid mu dheireadh a dh'fhàgas nach caill uidhir de luchd-taic thidsearan an cuid dhreuchdan.

Fon atharrachadh, caillidh 20 tidsear-taice an dreuchdan, seach an 40 ris an robh dùil an toiseach.

Tha ceannard na Comhairle, Ailean Wright, air rabhadh a thoirt ge-tà, gum faicear sgoiltean a' dùnadh fhathast.

Bha luchd-iomairt air cruinneachadh taobh a-muigh prìomh oifisean na Comhairle ann an Eilginn a' cur an aghaidh phlanaichean gus gearradh a thoirt air na bh' ann de thidsearan-taice san sgìre.

Chaidh am buidseat troimhe, 13 - 9, le triùir chomhairlichean a' diùltadh bhòtadh idir.

Dùinidh seachd leabharlannan air feadh na sgìre, agus caillidh buidhnean ealain am maoineachadh gu lèir a bha iad a' faighinn bhon Chomhairle.

Tha subsadaidhean airson seirbheisean bhusaichean cuideachd gan gearradh.

Thuirt Mgr Wright, gum bi gearraidhean tòrr nas motha a dhìth thar an ath thrì bliadhna, airson £30m a ghearradh far a' bhuidseit aca.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh