Mì-chinnt mu Sgoil Bhàrdachd na Comraich
- Published
Tha mì-chinnt mhòr mu na tha an dàn do Sgoil Bhàrdachd na Comraich, agus coltas gum faodadh dìth airgid cur às dhi am bliadhna.
An-dràsta tha an sgoil a' faighinn taic-airgid bhon bhuidhinn ALPS - Applecross Land Partnership Scheme - tro sgeama Leader an Riaghaltais.
Ach tha an t-airgead sin a' tighinn gu crìch anns a' Mhàrt, 's tha còir an Sgoil Bhàrdachd a bhith ann san Lùnastal.
"Bha sinn an sàs le ALPS bhon toiseach, agus bha sinn an dòchas agus an dùil gum biodh e sàbhailte," thuirt Derek MacIllfhinnein a tha an sàs san Sgoil Bhàrdachd.
Cudromach
"Chan eil ùine gu leòr ann airgead eile fhaighinn. Feumaidh sinn naidheachd fhaighinn a dh'aithghearr.
"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil an Sgoil Bhàrdachd gu math cudromach don sgìre.
"Chan eil pròiseactan gu leòr air a' Chomraich idir mar seo.
"Tha e air a bhith ag obair gu math chun an là an-diugh, agus tha tuilleadh dhaoine a' tighinn ann.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach airson Gàidhlig air a' Chomraich.
"Tha sinn an dùil gum bi rudan dìreach mar a bha iad an-uiridh, 's a' bhòn-uiridh.
"Agus a bharrachd air sin tha sinn air a bhith a' smaoineachadh airson tuilleadh chuspairean taobh a-muigh, agus a' dol mu chuairt an àite, a' siubhail, a bharrachd air òraidean mu dheidhinn bàrdachd," thuirt e.