Deugaire an grèim mu theine Inbhir Pheofharain
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis air deugaire a chur an grèim co-cheangailte ris an teine a bh' aig an t-seann Taigh-Òsta Rìoghail ann an Inbhir Pheofharain Diluain.
Chaidh an togalach, anns an robh daoine gun dachaigh a' fuireach, a dhroch mhilleadh.
Thuirt na Poilis gu bheil iad air balach 17 bliadhna de dh'aois a chur an grèim.
Thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 12 An Gearran 2013
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh