Treas neach marbh às dèidh maoime-sneachda sa Mhonadh Ruadh
- Published
Tha an treas neach air bàsachadh às dèidh maoime-sneachda sa Mhonadh Ruadh tràth feasgar Dhiardaoin.
Chaidh a dhearbhadh gun robh fireannach agus boireannach air bàsachadh na b'fhaide air an là.
Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath madainn Dihaoine gun robh fireannach eile air bàsachadh, 's e air a dhroch ghoirteachadh anns an tubaist.
Bha naoinear eile cuideachd an làthair nuair a thàinig a' mhaoim-sneachda a-nuas ach chaidh iadsan a threòrachadh far na beinne le luchd-teasairginn.
Thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond gun robh e air leth duilich mu na thachair.
Thachair a' mhaoim-sneachda ann an Eag Coire na Còmhdhalach, làrach ris an canar cuideachd an Chalamain Gap, faisg air a' Chàrn Ghorm, mu 12:30f Diardaoin.
Heileacoptairean
Bha dà bhuidheann de shianar a' coiseachd anns an sgìre nuair a thachair an tubaist.
Bha grunn sgiobaidhean teasairginn nam beann, oifigearan poilis, coin theasairginn bho SARDA na h-Alba agus heileacoptairean bho RAF Inbhir Lòsaidhan sàs anns an iomairt.
Chaidh an triùir a bha air an droch ghoirteachadh a thogail ann an heileacoptair agus a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.
Seo an dàrna iomairt theasairginn mhòr air Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh an t-seachdain seo.
Bhàsaich sreapadair Diluain agus chaidh an còignear eile bhon bhuidhinn anns an robh e a thogail far na beinne le luchd-teasairiginn, às dèidh dhaibh a dhol a dhìth fad na h-oidhche.