Faclair Gàidhlig ùr air-loidhne ga fhoillseachadh
- Air fhoillseachadh

Thèid faclair ùr Gàidhlig fhoillseachadh mar ghoireas air-loidhne an t-seachdain seo.
Tha e a' leudachadh air na th' ann am Fàclair na Pàrlamaid.
'S e a' chompanaidh a rinn Faclair na Pàrlamaid, TELI, a chuir ri chèile e, le airgead bho Bhòrd na Gàidhlig.
'S ann do dhaoine a tha an sàs ann an obair rianachd san roinn phoblaich as motha a bhios an goireas, a thuilleadh air ùghdarrasan poblach a tha a' cruthachadh Phlanaichean Gàidhlig.
Referendum
"Aig toiseach gnothaich bha Faclair na Pàrlamaid glè mhath, ach bha tòrr rudan co-cheangailte ri riaghladh ionadail agus rudan eile nach robh ann," thuirt Ruairidh MacIllEathain, a bha an sàs sa phròiseact.
"Bha TELI ag obair, a bharrachd air Faclair na Pàrlamaid ann an 2001, bha iad ag obair cuideachd air faclair a thaobh riaghlaidh ionadail.
"Thàinig mòran den stuth sin bho Chomhairle nan Eilean Siar.
"Ach a bharrachd air sin, tha feum, ma tha sinn a' dol a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean oifigeil air feadh na h-Alba, bha coimhearsnachd na Gàidhlig ag iarraidh gum biodh barrachd ghoireasan mar seo ann.
"'S e leudachadh mòr a th' ann, agus tha sinn ga leudachadh fhathast.
"'S dòcha gur e an rud as motha a tha a' tighinn suas chun an là an-diugh, tha tòrr Achdan Pàrlamaid air a dhol tron Phàrlamaid bho 2001, 's mar sin feumaidh sinn Gàidhlig a bhith againn orra.
"Leis a' phròiseact seo, 's e rud a leanas gu sìorraidh 's dòcha, air sàilleabh 's gum bi rudan ùra a' tighinn am bàrr fad na h-ùine.
"Tha e air an eadar-lìon ann an cruth PDF, ach gabhaidh sin atharrachadh bho bhliadhna gu bliadhna.
"Agus leis nach eil e ann an clò, faodaidh ùrachadh a bhith air a dhèanamh air fad na h-ùine," thuirt e.
Tha sgioba an-dràsta ag obair air pìos a thèid a chur ris an fhaclar ùr, le briathrachas a tha co-cheangailte ri Referendum na Neo-eisimeileachd.
Bidh am faclair ri fhaotainn an toiseach air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig.