Tagradh mu bhàtaichean-slaodaidh a' chosta an iar

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar air tagradh a dhèanamh airson barrachd bhàtaichean-slaodaidh air taobh siar na h-Alba, airson deiligeadh ri suidheachaidhean èiginneach.

Tha seo a' tighinn agus Riaghaltas Westminster air foillseachadh gun deach aonta a ruighinn le gnìomhachas na h-ola airson bàta-slaodaidh a bharrachd a' chur a dh'Arcaibh.

Thuirt Aonghas Caimbeul gu bheil e a' dèanamh dragh dha gum faodadh tubaist a bhith ann air a' chosta an iar 's e airson gum bi bàta-slaodaidh sa Chuan Sgìth a-rithist.

Chaidh na bàtaichean-slaodaidh a bh' ann a thoirt a-mach à seirbheis gus airgead a chùmhnadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile