Memorandum Oighreachd a' Chrùin ga dhiùltadh
- Air fhoillseachadh
Dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar gabhail ri memorandum a chaidh ullachadh le Oighreachad a' Chrùin, a tha a' moladh cothrom a thoirt do choimhearsnachdan barrachd buannachd fhaighinn bho grunnd na mara.
Tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil e a' dol fada gu leòr agus gum feum cruth atharrachadh a thoirt air mar a tha Oighreachd a' Chrùin ag obair.
A rèir Fhir-ghairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, tha a' Chomhairle den bheachd gun tig an t-atharrachadh a tha sin.
"Tha sinne a' smaoineachadh gun tig atharrachadh san dòigh anns a bheil Oighreachd a' Chrùin ag obair - tha iad air atharrachadh mar-thà," thuirt e.
"Air sgàth 's gu bheil sinn a-nis gam faicinn a' bruidhinn ri coimhearsnachdan agus a' toirt bhuannachdan a-steach do na sgìrean far a bheil iad a' faighinn teachd-a-steach gu math mòr, nar beachd-ne.
"Agus tha iad air a bhith a' dèanamh sin tro thuathanasan èisg, agus a bhith ag àrach mhaorach thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.
"Ach tha sinne a' faicinn gu bheil a' bhuannachd as motha a' dol a thighinn bho chumhachd ath-nuadhachail anns an fhairge, agus tha sinn airson 's gum bi smachd aig ùghdarrasan ionadail air na tha a' dol a thachairt mu thimcheall nan eileanan againn, agus gu bheil a' bhuannachd a' tighinn dìreach a-steach chun nan eileanan," thuirt e.