Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh de dh'Albannaich a bha a' lorg obraichean aig deireadh na bliadhna an-uiridh. Bha an àireamh sìos 13,000, agus cuideachd cha robh uiread de dhaoine air sochairean cion-cosnaidh.

Pistorius

Thuirt luchd-casaid gun cuala nàbannan sgreuchail a' tighinn bhon taigh aig Oscar Pistorius mus deach losgadh air a leannan, Reeva Steenkamp an t-seachdain seo chaidh. Tha an lùch-chleasaiche à Afraga a Deas air ais anns a' chùirt an-diugh, 's an luchd-lagha aige a' dèanamh tagraidh airson a shaoradh air urras. Tha Mgr Pistorius a' dol às àicheadh gun do mhuirt e Reeva Steenkamp, ach tha an luchd-casaid ag ràdh gun robh fios aige dè bha e a' dèanamh.

Bàs

Tha fireannach a chaidh a lorg air a leòn gu dona ann am flat ann an Dùn Èideann Là na Sàbaid air bàsachadh. Chaidh an duine, a bha 25, fhaighinn ann an sgìre Mhagdalene. Tha fireannach air nochdadh sa chùirt mar thà co-cheangailte ris a' bhàs.

Stailc

Tha an t-aonadh Unite ag ràdh gun toir stailc ceithir là le dràibhearan thancairean aig Ionad-ola Inbhir Ghràinndse buaidh mhòr air còmhdhail. Thèid còrr air 40 dràibhear air stailc Dihaoine co-cheangailte ri peinseannan agus pàigheadh. Thuirt Unite gun toir seo buaidh air a h-uile port-adhair an Alba, agus air stèiseanan peatroil an Alba agus an ear-thuath Shasainn. Tha BP ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri dhèanamh cinnteach nach bi cùisean ro throimhe-chèile.

G4

Chaidh £1bn na bu lugha na bha dùil fhaighinn aig rùp airson spectrum fòn G4 Bhreatainn. Bha an Oifis airson Dleastanasan a' Bhuidseit den bheachd gun deadh £3.5bn a thogail. B'e £2.3bn a chaihd fhaighinn.

Màill Rèile

Tha maill mhòr air seirbheisean prìomh loidhne-rèile a' chosta an ear eadar Alba agus Lunnainn air sgàth thrioblaidean le loidhnichean dealain ann an Cambridgeshire. Chan eil seirbheisean ann idir an-dràsta eadar Peterbrough agus King's Cross air an loidhne à Dùn Èideann.