Fearg mu chòirichean seilge Ratharsair

Sealg Image copyright PA
Image caption Tha na croitearan ag iarraidh air an Riaghaltas coimhead as ùr ris a' ghnothach.

Tha fearg air croitearan Ratharsair às dèidh mar a chaidh na còirichean seilge a bh' aca fad 18 bliadhna a thoirt do bhuidhinn a tha còrr agus 200 mìle air falbh.

Tha iad ag ràdh gu bheil an co-dhùnadh a rinn ministearan Riaghaltas na h-Alba, leis a bheil an t-eilean, maslach agus tha iad ag iarraidh orra coimhead as ùr air a' ghnothach.

Chaidh Comann Chroitearan Ratharsair a stèidheachadh a dh'aona-ghnothach airson dèanamh cinnteach gur ann aig muinntir an eilein a bha smachd air còirichean seilge is iasgaich.

Tha iad air a bhith a' pàigheadh màil don Riaghaltas o 1995, agus leasaich iad an gnìomhachas gu mòr anns an ùine sin.

Ach thàinig an cùmhnant gu ceann an-uiridh, leis na còirichean a' dol a-mach gu tairgse, ged a chaidh innse do na croitearan nach robh uallach air ministearan gabhail ris an tabhartas as àirde.

Chaidh na còirichean ge-tà, a thoirt do chompanaidh à Siorrachd Àir, agus oifigich an Riaghaltais ag ràdh gum feumadh iad luach an airgid fhaighinn às a chùm maith muinntir na h-Alba air fad.

Tha na h-eileanaich ag ràdh ge-tà, gun deach an leigeil sìos, agus gu bheil an co-dhùnadh a' dol calg-dhìreach an aghaidh feallsanachd Ath-leasachadh an Fhearainn, a tha ag amas air cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan air an gnothaichean fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile