Eaglais Shaor a' taobhadh ri croitearan Ratharsair
- Air fhoillseachadh
Ann an ceum neo-àbhaisteach tha ministearan Eaglais Shaor na h-Alba san Eilean Sgitheanach air litir fhosgailte a sgrìobhadh gu Buill-Phàrlamaid Albannach ag iarraidh orra an co-dhùnadh còirichean seilge Eilein Ratharsair a thoirt do chompanaidh seilge ann an Siorrachd Àir a chur air a cheann.
B' ann le Comann Chroitearan Ratharsair a bha na còirichean o chionn 18 bliadhna, 's tha iad air cur gu mòr ri eaconamaidh an eilein bhig.
Ach thàinig an cùmhnant gu crìch, 's chaidh na còirichean a-mach gu tairgse.
Rinn companaidh à Siorrachd Àir a Deas an gnothach air na croitearan, le bhith a' tabhainn £2,000 nas motha.
Buannachd
Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gu bheil uallach orra luach as fheàrr an airgid fhaighinn às a' ghnothach, a chùm maith na h-Alba gu lèir.
Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir aig Holyrood Diardaoin, chuir Ailig Salmond dìon air a' cho-dhùnadh nuair a chuir am BPA Rhoda Ghrannd ceist air mu dheidhinn.
Thuirt e gur e co-dhùnadh a bh' ann nach robh e air chomas mhinistearan an Riaghaltais a chur air a cheann.
'S ann leis an Riaghaltas a tha Ratharsair.
Tha ministearan na h-Eaglaise Saoire ag ràdh gun robh a' bhuannachd don choimhearsnachd ionadail a bha an cois nan còirichean seilge nas cudromaiche na an t-suim-airgid sin, agus gun robh dragh orra gun deach an co-dhùnadh a dhèanamh le seirbheisich chatharra nach deach a thaghadh leis an t-sluagh.
Anns an litir aca, thuirt na ministearan Sgitheanach: "'S e briseadh dùil a bh' ann dhuinn nuair a chuala sinn bho mhinistear san Riaghaltas Albannach gur e airgead as cudromaiche sa cho-dhùnadh.
"Tha sinn a' guidhe gun dèan sibh uidhir 's is urrainn dhuibh an co-dhùnadh seo a chur air a cheann.
"Tha e na adhbhar dragh mòr gur ann an urra ri seirbheisich chatharra a bha an gnothach seo.
"Bidh fios agaibh gu bheil e doirbh dha-riribh airgead a dhèanamh air an iomall, agus tha Comann Chroitearan Ratharsair air adhartas mòr a dhèanamh le bhith a' leasachadh nan còirichean seilge ann an Ratharsair a chùm buannachd nan croitearan agus na coimhearsnachd. Tha a' bhuannachd sin gun teagamh nas cudromaiche na an £2,000 a tha fo cheist.
"Tha an Eaglais Shaor, gu h-eachdraidheil, air taic a chumail ri còirichean chroitearan an aghaidh uachdaran ainneartach.
"Tha sinn den bheachd gur e ana-ceartas mòr a th' anns a' cho-dhùnadh seo an aghaidh chroitearan Ratharsair."
Tha sia coithionalan aig an Eaglais Shaoir anns an Eilean Sgitheanach, fear ann an Ratharsair nam measg, agus a tha an-dràsta às aonais mhinisteir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 21 An Gearran 2013