Fear à Inbhir Nis fhathast a dhìth

  • Air fhoillseachadh
Euan Barras
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh Euan Barras fhaicinn mu dheireadh Diciadain.

Tha an iomairt airson fear-gnothaich à Inbhir Nis a lorg a' leantainn.

Chaidh Euan Barras, a bhiodh a' ruith thaighean-seinnse mar The Phoenix ann an Inbhir Nis, fhaicinn mu dheireadh aig a dhachaigh ann am Baile Muilinn an Lèigheis tràth sa mhadainn Diciadain.

Tha heileacoptair le Feachd an Adhair, poilis le coin agus luchd-teasairginn air a bhith a-muigh ga lorg.

Tha Mgr Barras 46 bliadhna de dh'aois.

Tha e 5tr 8" de dh'àirde agus tha am falt aige, a tha donn, air a ghearradh goirid.