Hercules am mathan ga chuimhneachadh

An t-ìomhaigh shnaidhte Image copyright other
Image caption Bha Hercules a' filmeadh sanas-reic ann am Beinn nam Fadhla aig an àm.

Chaidh ìomhaigh fiodh den mhathan ainmeil Hercules a chur suas ann an Uibhist a Tuath Dihaoine, còrr is 30 bliadhna bho chaidh e ma sgaoil air Beinn nam Fadhla.

Chaidh an ìomaigh a thogail aig Coille Choimhearsnachd Langais mar chuimhneachan air Hercules a bha ma sgaoil airson còrr is trì seachdainnean ann an 1980.

Nochd Hercules gu tric air an telebhisean agus ann am fiomaichean, nam measg Octopussy le Roger Moore.

'S ann fhad s' a bha e ann am Beinn nam Fadhla a' clàradh sanas telebhisein airson na companaidh Andrex a fhuair e air falbh bho a thrèanair, fear-carachd Andy Robin.

Bha am mathan ma sgaoil airson 24 là uile gu lèir, agus ceudan dhaoine a' coimhead air a shon.

Fhuaireadh lorg air a' snàmh agus chaidh a bhualadh le gath gus a chur na chadal agus a thilleadh do Mhgr Robin air heileacoptair.

Bha am mathan air fasig air 20 clach de chuideam a chall anns an ùine sin is e gun eòlas seilge.

Chaidh an ìomhaigh a thogail le Iain Chalmers às an Eilean Dubh, a choisinn a' chiad àite aig co-fharpais sàbh-sèinne na h-Alba an-uiridh.

Chaidh a chur suas le Urras nan Craobh Uibhist a Tuath mar phàirt den leasachadh a tha iad a' dèanamh air a' choille.