Corp ga lorg ann an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na poilis gun deach an corp aig Niall MacIlleathain a lorg ann an achadh ann an Steòrnabhagh.
Bha Maighstir MacIlleathain, a bhuineadh do Cheann nam Buailtean agus air an robh am far-ainm Peels, a dhìth bho Dhihaoine.
Bha e 37.
Chaidh an corp aige a lorg ann an achadh faisg air Ceann nam Buailtean.
Thuirt na poilis nach eil càil amharasach mun bhàs.
Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh