Bochdainn connaidh fon phrosbaig
- Published
Thèid beachdachadh air bochdainn connaidh anns na h-Eileanan an Iar aig co-labhairt ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo.
A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha taigh ann an bochdainn connaidh ma 's e is gu bheil na daoine a tha a' fuireach ann a' cosg còrr is 10% den teachd a-steach aca air connadh gus an taigh a chumail blath.
'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh agus còrr air an dàrna cuid de thaighean a' fulang.
'S e a' bhuidheann TEAS a chuir a' cho-labhairt air dòigh is iad a' coimhead ri dè ghabhas dèanamh son an suidheachadh a leasachadh.
"Tha tòrr seann taighean anns na h-Eileanan, taighean mòra le trì no ceithir seòmraichean cadail is tha iad uile 'detached' cuideachd", thuirt oifigear bochdainn connaidh TEAS, Ciorstaidh NicIllinnein.
"Feumaidh iad barrachd teas - tha sin ann - is cuideachd tha an aimsir againn 's dòcha nas miosa na àiteachan eile ann an Alba.
"Feumaidh sinn coimhead ri rudan mar sin airson feuchainn ris na taighean againn a dhèanamh nas fheàrr", thuirt i.
Bidh a' cho-labhart ann Diardaoin ann an taigh-òsda a' Chaladh ann an Steòrnabhagh.