Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cardanal

Tha an Cardanal Keith O' Brien air a dhreuchd a leigeil dheth mar Àrd-Easbaig Chill Rìmhinn 's Dhùn Èideann. Tha e air a bhith fo ìmpidh an dèidh casaidean gun do ghiùlain e e fhèin ann an dòigh mì-iomchaidh le ceathrar a bha nan sagairt òga bho chionn còrr is deich bliadhna fichead. Tha dùil gun ainmich an Bhatacan a dh' aithghearr gu bheil am Pàpa air gabhail ris a' Chardanal a dhreuchd fhàgail. Chan eil dùil a-nis gun tèid an Cardanal O' Brien dhan Ròimh airson Pàp ùr a thaghadh.

Dotairean

Tha cuid de na dotairean as àirde ann an Alba air rabhadh a thoirt seachad gum faodadh an aon rud 's a thachair ann an ospadal ann an Staffordshire tachairt an seo. Fhuair rannsachadh mu bu tràithe air a' mhìos seo gun do bhàsaich an t-uabhas anns an ospadal an sin air sgàth gearraidhean is dìth cùraim. Tha Colaiste Rìoghail nan Dotairean ann an Dùn Èideann ag ràdh gu bheil atharrachadh a dhìth air cultur seirbheis na slàinte ann an Alba no gum faodadh an aon rud tachairt an seo.

Lib Deamaich

Thuirt Ceann-suidhe nan Libearalach Dheamocratach gun do rinn am pàrtaidh brochan dhen dòigh anns an do laimhsich iad casaidean mu àrd-oifigear a' phàrtaidh, am Morair Rennard. A rèir Tim Farron, dh' fhailich orra an dleastanas a dhèanamh. Tha ceannard a' phàrtaidh, Nick Clegg, ag ràdh nach eil càil aigesan ri fhalach, an dèidh dha aideachadh gun robh fios aige mu na casaidean bho chionn còig bliadhna.

Stailcean

Thàinig rabhadh bhon aonadh Unite gum faodadh dràibhearan tancairean BP ann an Inbhir Ghrainnse tuilleadh stailcean a chumail ann an deasbad mu phàigheadh is peinnseanan. Tha dùil aca stailc ceithir là a chumail Diardaoin mura tig aonta.

Goistidheachd

Chan dèan goistidheachd - no sponsorship - eadar gnìomhachas agus sgoiltean na Gàidhealtachd cron air fòghlam, a rèir ceannard Comhairle na Gàidhealtachd. Tha a' chomhairle a' coimhead ri mar a gheibh sgoiltean taic-airgid bhon roinn phrìobhaidich tro ghoistidheachd. Tha cuid air gearainn gum faodadh an t-uabhas sanasachd nochdadh ann an sgoiltean ri linn. Ach thuirt Drew Hendry gur ann a bha seo mu dheidhinn ceangalaichean a dhèanamh le companaidhean a dh'fhaodadh cothroman cosnaidh a thoirt do dhaoine òga.

Airgead

Chan eil an treas cuid de dh' inbhich na h-Alba a' dèanamh oidhirp sam bith air airgead a shàbhaladh, a rèir rannsachaidh a rinn Scottish Widows. Fhuair iad cuideachd nach eil airgead sam bith an tasgadh aig aon duine às gach còig ann an Alba. Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil cunnart mòr dè thachradh dha na daoine sin nan tigeadh cruadal airgid orra.

Oscars

Tha gàirdeachas ga dhèanamh air a' Ghàidhealtachd an dèidh dhan fiolm Brave - a tha stèidhichte an seo - Oscar a chosnadh airson an dealbh beothaichte a b'fheàrr. Bha an seinneadair Gàidhlig Julie Fowlis a' seinn ann, agus Peggy Barker às an Eilean Dubh, a' cluiche tè de na caractaran na nighinn òig.