BBC Naidheachdan

Ceistean mu chòmhdhail Drochaid Cheasaig

Published

Tha ceistean gan togail mu cho èifeachdach 's a tha na seirbheisean còmhdhail poblach a chaidh a chur an sàs airson cuideachadh leis an trafaig air Drochaid Cheasaig fhad 's a thathas ga càradh.

Sgrìobh Rob Gibson BPA gu Stagecoach, First Scotrail agus a' chompanaidh a tha a' ruith loighne-rèile an Taobh Sear.

Thuirt e riutha nach eil na seirbheisean aca air an amaladh ri chèile ceart.

Tha Mgr Gibson cuideachd ag iarraidh gun deadh seirbheisean bhusaichean ann an Inbhir Nis amaladh ceart leis an fheadhainn a tha a' tighinn a-steach às an Eilean Dubh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • ScotRail (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh