Rannsachadh mu bhàs sreapadair air Beinn Nibheis
- Published
image copyrightNorthern Constabulary
Tha na Poilis a' rannsachadh mar a chaill sreapadair a bheatha air Beinn Nibheis fhad 's a bha heileacoptair a' feuchainn ri a thogail air bòrd.
Tha coltas gun deach a leigeil às fhad 's a bha iad ga thogail le ròp do heileacoptair à RAF Inbhir Lòsaidh.
Chaidh an uair sin heileacoptair eile bhon Chabhlach Rìoghail a ghairm airson an corp aige a thogail far na beinne.
Chaidh an duine ainmeachadh gu h-ionadail mar Mark Phillips, a bha na oifigear àrainneachd aig Comhairle na Gàidhealtachd anns a' Ghearasdan.
Bha e air tuiteam sa chiad dol a-mach air Raeburn's Buttress.
Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath gu bheil rannsachadh air a' ghnothach a' dol air adhart - is nach b'urrainn dhaibh an còrr a ràdh mun t-suidheachadh aig an ìre seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 26 An Gearran 2013
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh