Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Pàp

Tha am Pàpa Benedict air a bhith a' toirt seachad na h-òraid poblaich mu dheireadh aige dha na mìltean mòra ann an Ceàrnag an Naoimh Pheadair anns a' Vatican. Fàgaidh e a dhreuchd gu h-oifigeil an ath-oidhche. Thuirt e gu bheil an Eaglais air a bhith ann an uisgeachan stoirmeil glè thric fhad 's a bha e na Phàpa, ach thuirt e cuideachd gun tug Dia làithean socair grianach dha, anns an robh an t-iasgach math. Thuirt e gu bheil e làn-chinnteach nach leig Dia leis an Eaglais a dhol fodha. Chaidh ainmeachadh cuideachd gur e Pontif Emeritus na Ròimhe an tìotal a bhios air às dèidh dha a dhreuchd fhàgail.

Bàs Sreapadair

Tha na Poilis a' rannsachadh mar a chaill sreapadair a bheatha air Beinn Nibheis fhad 's a bha heileacoptair a' feuchainn ri a thogail air bòrd. Tha coltas gun deach a leigeil às fhad 's a bha iad ga thogail le ròp do heileacoptair à RAF Inbhir Lòsaidh. Chaidh an uair sin heileacoptair eile bhon Chabhlach Rìoghail a ghairm airson an corp aige a thogail far na beinne. Chaidh an duine ainmeachadh gu h-ionadail mar Mark Phillips, a bha na oifigear àrainneachd aig Comhairle na Gàidhealtachd anns a' Ghearasdan.

British Gas

Chaidh prothaidean Gas Bhreatainn an-àirde 11% an-uiridh gu £606m. Tha iad ag ràdh gur e cho fuar 's a bha an Geamhradh is adhbhar dha gu ìre mhòir. Chaidh 12% a bharrachd gas a chleachdadh ann an dachaighean. Tha luchd-iomairt a' càineadh nam prothaidean aig àm nuair a tha sinn a' pàigheadh barrachd airson gas agus cuid de dhaoine ga fhaighinn doirbh an dachaighean a theasachadh.

Bàt-aiseig Steòrnabhaigh

Tòisichidh bàt-aiseig ùr an àite an Isle of Lewis eadar Steòrnabhagh is Ulapul anns an Iuchar an ath-bhliadhna. Aig coinneimh phoblaich ann an Steòrnabhagh an-raoir dh'innis CMAL cuideachd gun tèid an Isle of Lewis a chumail rè ùine gun fhios nach bi trioblaid ann leis a' bhàta ùr.

An t-Iasgach

Dh'aontaich Ministearan Iasgaich an Aonaidh Eòrpaich gun tèid casg a chur uile gu lèir air a bhith a' tilgeil iasg marbh air ais dhan mhuir. Thèid am pròiseas a chur gu dol an ath-bhliadhna, 's bheir e greis ga thoirt gu ìre. Thuirt Breatainn gur e briseadh dùil a bh' ann dhaibh nach deach casg a chur uile gu lèir air an leithid anns an aithghearrachd, ach gur e adhartas a th' ann.

For-cheumannan

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £30m a bharrachd ri for-cheumannan anns na h-oilthighean. Leigidh e le 850 duine a bharrachd for-cheum a dhèanamh gach bliadhna anns na còig bliadhnaichean romhainn. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, gun robh iad airson raointean a tha bunaiteach don eaconamaidh a bhrosnachadh, leithid cumhachd, ionmhas agus turasachd.