Brag nan Caman

Sgiobaidhean Image copyright Comann na Camanachd
Image caption Tha balaich an iomain deiseil airson seusain ùir.

Cluinnear brag nan caman air feadh na h-Alba a-rithist Disathairne agus seusan ùr na h-iomain gus tòiseachadh.

Ghlèidh Bail' Ùr an t-Slèibh a' Phrìomh Lìog an-uiridh son an treas turais ann an sreath agus chan eil teagamh nach bi iadsan a' farpais gu cruaidh son nan duaisean mòra a-rithist am bliadhna.

Tha fear ùr aig stiùir a' Bhail' Ùir is Pòl John Mac an Tòisich air aontachadh a dhol na mhanaidsear a-rithist, às dèidh do Thormod 'Brick' MacArtair an dreuchd fhàgail.

Rinn Brick obair ionmhalta chan ann a-mhàin gus grèim làidir a ghabhail air an lìog, ach cuideachd gus Cupa na Camanachd a thilleadh gu Bail' Ùr an t-Slèibh ann an 2012, a' chiad turas a bha sin air tachairt bho 1986.

Ged a tha sgiobaidhean ann a chumas ceann a' mhaide ri Bail' Ùr an t-Slèibh, tha barrachd doimhneachd aca sa bhuidhinn aca na th' aig a' mhòr-chuid.

Ma chrìochnaicheas sgioba os an cionn, buannaichidh iad a' Phrìomh Lìog, is 's iongantach mur a bi guth mòr aca cuideachd a thaobh Cupa na Camanachd.

Ciatach

'S iad Caol Bhòid a ghlèidh Cupa na Camanachd an-uiridh às dèidh gheama chiataich an aghaidh Inbhir Aora, geama a chrìochnaich 6-5.

Bidh sin air an h-uidhir de mhisneachd a thoirt dhaibh is tha e coltach gum bi sgioba Thaigh na Bruaich ag amas gu mòr am bliadhna air a' Phrìomh Lìog.

"Sin an fharpais a tha sinn ag iarraidh am bliadhna," thuirt manaidsear na sgioba, Seumas Perlich.

"Tha sinn air sreap suas an lìog sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh - is am bliadhna tha sinn an dòchas an tiotail fhèin a bhuannachadh," thuirt e.

'S ann a tha coltas fiù 's nas làidire air an sgioba am bliadhna cuideachd.

Bidh Roberto Zavaroni aca am bliadhna is esan air gluasad bho Eilean Bhòid, agus gheibh iad cuideachd togail mòr le Grant Irvine a' tilleadh dhan sgioba às dèidh dha a bhith air a ghoirteachadh an-uiridh.

Bidh e doirbh stad a chur air balaich Thaigh na Bruaich anns na mìosan ri tighinn.

Òg

San treas àite an-uiridh bha Lòbhat, seusan air leth aig sgioba an ìre mhath òg.

Chuir Greg MacMhathain tòrr thadhal dhaibh an-uiridh is bidh cuideachadh aige am bliadhna bho Chaomhain Bartlett, a th' air gluasad gu Lòbhat bho Chabair Fèidh.

Choisinn Barlett cliù dha fhèin ann an sgioba na h-Alba is bu chòir gun dèan e feum mòr do Lòbhat.

Tha dithis de shàr ghaisgich a' Ghearasdain os cionn na sgioba sin am bliadhna, Bhictor Mac a' Ghobhainn agus Àdhamh Robasdan.

Chrìochnaich an Gearasdan an seusan mu dheireadh gu làidir is iad air ais aig an Àird, ach bha coltas orra sgioba a bha a' dol air ais son bliadhna no dhà a-nise.

Tha iad air Iain Dòmhnallach a chall - thill e air ais gu Baile Chaolais - is tha ceist ann air dè cho tric 's a bhios an sgioba as làidire aca air a' phàirc.

"Eòlas"

"Tha buidheann glè òg againn, gun cus eòlais," thuirt Robasdan.

"Chan eil sinn a' cur targaidean mòra romhainn ach a bhith a' gabhail gach geama mar a thig e, is eòlas a bharrachd a chruinneachadh tron t-seusan," thuirt e.

Tòisichidh an Gearasdan an aghaidh Inbhir Aora, an sgioba a chaill sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 2012.

Dh'fhàg am manaidsear, Iain Smylie, às dèidh sin is gaisgich mar Scott Robasdan is Russell MacFhionnlaidh air co-dhùnadh sguir a chluich.

'S e fear eile de sheann laoich na sgioba, Garry Mac a' Phearsainn, a ghabh dreuchd a' mhanaidseir is bidh obair aige spiorad na sgioba a thogail às dèidh briseadh-cridhe na bliadhna an-uiridh, agus cluicheadairean òga a fhighe a-steach dhan bhuidhinn.

Bidh iad cunnartach anns na cupan 's iongantach, ach bidh dùbhlan mun coinneamh àite sa Phrìomh Lìog a chumail.

Soirbheachail

Abair gun robh 2012 soirbheachail do Ghleann Urchadain, a thog Cupa MhicAmhlaidh son a' chiad uair.

Leis an eòlas sin aca bidh iad air leth fhèin cunnartach anns na cupan a-rithist - is bidh cho math 's a nì iad san lìog a rèir, gu ìre, an tèid aca air an sgioba as fheàrr aca a chur air a' phàirc gu cunbhalach.

"Tha sinn gu mòr 'son Cupa MhicAmhlaidh a dhìon," thuirt am manaidsear, Drew MacNèill.

"Nuair a tha sibh air cupa a bhuannachadh, uill bhiodh e a' ciallachadh na h-uidhir a chumail," thuirt e.

Chrìochnaich Ceann a' Ghiuthsaich san t-seachdamh àite an-uiridh, cho ìosal 's a bha iad a-riamh sa Phrìomh Lìog.

'S ann a tha iad a' togail sgioba ùr agus 's iongantach gum bi gu leòr aca am bliadhna son farpais a dhèanamh son an tiotail fhèin, ach bheir iad dùbhlan do dhuine sam bith anns na cupan.

"Òigridh"

"Chuir sinn romhainn cothrom a thoirt dhan òigridh san dàrna sgioba an-uiridh is rinn iad glè mhath," thuirt Russell Jones, a bhios na cho-mhanaidsear am bliadhna còmhla ri Dàibhidh MacIlleAnndrais.

"Thig còignear de na balaich sin a-steach dhan chiad sgioba am bliadhna agus bheir sin togail dhaibhsan agus dhuinne," thuirt e.

Chuir Ceann Loch Seile dìon air an àite sa Phrìomh Lìog an-uiridh is bha cuid de làithean sònraichte dha-rìribh aca nuair a thug iad aghaidh air leithid Bail' Ùr an t-Slèibh, Caol Bhòid is Ceann a' Ghiuthsaich.

Bidh an t-eòlas a choisinn iad air leth feumail is bidh an sgioba ag amas air àite a chumail sa Phrìomh Lìog - agus 's dòcha crìochnachadh beagan nas àirde - le oidhirp cuideachd air cupa a bhuannachadh, rud nach eil seachad orra idir.

Chaill iad feadhainn air thoiseach air an t-seusan ùr ach tha iad air fear le eòlas mòr, Dàibhidh Glass bho Inbhir Nis, a thoirt a-steach.

Chan eil sin a' fàgail ach an dà sgioba a choisinn àite sa Phrìomh Lìog an-uiridh, Loch Abar is Camanachd an Òbain.

Oidhirp

Seo an oidhirp as ùire aig Loch Abar air fuireach aig an ìre as àirde, ach bidh cothrom nas fheàrr aca an turas seo, is loidhne aghaidh aca gu sònraichte cunnartach eadar MacNeacail, Callinson is Delaney.

Tha iad comasach air fuireach an-àirde, is 's e seusan math a bhios ann dhaibh ma thèid aca air sin a dhèanamh.

Bha Camanachd an Òbain fada ro mhath son Lìog Deas 1 ach fhuair iad droinneadh 6-0 bho Ghleann Urachadain ann an cuairt dheireannaich Chupa MhicAmhlaidh.

Thuirt am manaidsear, Gussie Caimbeul, mar thà gur ann air an 8mh àite san lìog a tha iad ag amas, agus bidh strì rompa sin a choileanadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile