Cothroman ùr do luchd-thaic na h-iomain

Newtonmore got the better of Fort William to go top of the league Image copyright Neil G Paterson

Tòisichidh seasan ùr na camanachd Disathairne agus a-measg gach ùrachadh a tha tighinn air a' gheam tha cothrom aig luchd-leantainn na spoòrs a bhith a' cur geall air mar a thèid na geamaichean.

Tha fear de phrìomh chompanidhean geall na dùthcha a' tairgse "odds" air na còig geamaichean sa Phrìomh Lìg gach seachdainn.

Ann am beachd an eòlaiche iomain Ùisdean MacIllinnein dh'fhaodadh gun tig cunnart na chois,

"Ann an spòrs amataireach sam bith, ma tha airgead a' tighinn a-steach gu geamaichean, 's e dìreach gu bheil cunnart ann, cha chuirinn cail nas treasa na sin e," thuirt e

"Bidh daoine amharasach carson a tha daoine a' cur geall air leithid siud agus seo de gheam, gu h-àraid ma tha geam cudromach."

Tha Mgr MacIllInnein den bheachd gum bi buannachd ann dhan spòrs cuideachd,

"Ma tha thu a' smaoineachadh gur e rud math a th'ann, tha camanachd a' gluasad a-steach a-measg spòrs eile as a h-uile raon do bheatha dhaoine, 's e ceum adhartach a tha sin," thuirt an t-eòlaiche iomain.

"Tha camanachd a-nis air a mheas cudromach gu leòr airson dèiligeadh leis mar a thathar a dèiligeadh le spòrsan eile."

Tha an seasan a' tòiseachadh Disathairne, is Baile Ùr an t-Slèibh, a bhuannaich an tiotal an-uiridh, a' cluich Ghleann Urchadain aig an taigh.

Tha Caol Bhòid an aghaidh Camanachd an Òbain, Loch Abar a' coinneachadh Lobhat, Ceann Loch Seile a' cur fàilte air Ceann a' Ghiuthsaich agus tha Inbhir Aora a' cluich a' Ghearasdain.

Bidh sùil nas mionaidiche againn air na sgiobaidhean agus an seasan air fad air an duilleig-sa nas fhaide air an t-seachdainn.