Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Dh'innis Banca Rìoghail na h-Alba gun robh call, ro chìsean, de £5.2 billion air a' bhuidhinn an-uiridh an dèidh dhaibh airgead dìolaidh a phàigheadh do dh'fheadhainn dhan deach àrachas agus seirbhisean a reic air nach robh feum aca. Bha prothaidean bunaiteach de £3.5 billion aig a' bhuidhinn. Tha Roinn an Ionmhais aig an riaghaltas air a bhith a' dìon cuideachd gu bheil RBS a' toirt luach £607 million not ann am bonas do luchd-obrach.

Bancairean

Chaidh aonta anns an fharsaingeachd a dhèanamh sa Bhruiseil 'son smachd a chur air bonas do bhancairean ann an sgìre an Aonaidh Eòrpaich bhon ath-bhliadhna. Fon aonta, cha bhiodh bonas dad nas motha na tuarastail bliadhna. Tha bancairean ann an gnìomhachas an ionmhais ann an Lunnainn ag ràdh gu bheil cunnart ann a-nise gun gluais earrann mhòr den obair gu dùthchannan air taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich.

Siria

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, agus Rùnaire ùr nan Stàitean Aonaichte, Iain Kerry, anns an Ròimh an-diugh far a bheil iad a' coinneachadh ri riochdairean nan reubaltach ann an Siria. Tha aithrisean ann gu bheil Ameireaga agus dùthchannan Eòrpach am beachd tuilleadh taic a thoirt dha na reubaltaich ann an Siria, ged a tha e coltach nach biodh armachd an lùib na taic a tha sin.

Am Pàp

Tha am Pàp Benedict a' fàgail a dhreuchd an-diugh, a' chiad Phàp ann am faisg air 600 bliadhna a tha air an dreuchd a chur bhuaithe. Fàgaidh e am Bhatican feasgar 'son a dhol a dh'fhuireach aig an dhachaidh samhraidh 'son ùine, gus an tèid dachaidh eile ullachadh dha anns a' Bhatican.

Tubaist

Dh'fhoillsich na poilis ainm an duine a chaidh a mharbhadh ann an tubaist aig muileann sàbhaidh air Ghàidhealtachd an-dè. Bhoineadh Peadar Ord, a bha 40, do dh'Inbhir Nàrann. Tha Buidheann na Slàinte agus Sàbhailteachd a' rannsachadh na cùise.