BBC Naidheachdan

Fear a bhàsaich aig muilleann-sàbhaidh ga ainmeachadh

Published

Chaidh fireannach a chaidh a mharbhadh ann an tubaist aig muileann-shàbhaidh air a' Ghàidhealtachd Diciadain ainmeachadh mar Peadar Ord, às Inbhir Narrann.

Bha e 40 bliadhna de dh'aois.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu ionad Gordon Timber aig Bail a' Bhlàir air iomall an iar Inbhir Narrann aig 08:30m Diciadain.

Tha na Poilis agus Roinn na Slàinte 's na Sàbhailteachd a-nis a' rannsachadh na cùise.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Poilis a' Chinn a Tuath (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh