Còirichean seilge air ais aig croitearan Ratharsair

Dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba gum bi a-niste croitearan Ratharsair a' cumail còir air iasgach agus sealg air an eilean.

Bha mòran a' càineadh Riaghaltas na h-Alba nuair a chaidh na còirichean, a bha aig na croitearan fad 18 bliadhna, a thoirt air màl do bhuidhinn à Siorrachd Àir.

Thuirt Ailig Salmond ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin gun deach cur às dhan chùmhnant sin agus gun tèid an aonta le croitearan Ratharsair a leudachadh airson bliadhna eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile