Draghan a' Bhaile Ùir

Baile Ùr an t-Slèibh Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bhuannaich am Baile Ùr am Prìomh Lìog na tri bliadhna a chaidh

Tha sgioba Bhaile Ùr an t-Slèibh a' feuchainn ri stad a chur air Comann na Camanachd bho crathadh a thoirt air lìogaichean iomain na dùthcha.

Dh'innse Comann na Camanachd air a' mhìos seo chaidh gu bheil iad am beachd am Prìomh Lìog a gheàrradh bho dheich sgiobaidhean gu h-ochd, is darna lìog nàiseanta a chruthachadh.

Thig an dà sgioba a chrìochnaicheas aig bonn a' Phrìomh Lìge còmhla ri na trì bho bhàrr na ciad roinn aig tuath agus na ciad roinn aig deas gus an darna roinn sin a bhiathadh le sgiobaidhean.

Bha na Comann an dùil gum faigheadh na molaidhean aca taic oifigeal aig an coinneamh bliadhnail air an 26mh den Ghiblean.

Ach anns an iris mhìosail aca, thuirt am Bhaile Ùr, a bhuannaich am Prìomh Lìog an-ùiridh, gun cuir iad moladh air adhart aig a' coinneimh gus stad a chur air na h-atharraichean.

Thuirt an iris nach robh iad a' faicinn luach anns na h-atharraichean agus gun robh iad a' dèanamh dìmeas air an fharpais.

Feumaidh iad ge-tà iarrtas foirmeil a chur air beulaibh a' Chomainn ro 5f Dihaoine mus tèid a dheasbad aig a' choinneimh sin.

Tha an t-eòlaiche iomain, Uisdean MacIllinnein, a' tuigsinn na h-air cùlaibh draghan a' Bhaile Ùir.

"Tha fhios aig a h-uile duine a tha a' tòiseachadh (an seusan ùr) a-màireach dè tha rompha, sin gu bheil an dà sgioba aig a' bhonn a' dol a thuiteam.

"S e tha Baile Ùr an t-Slèibh ag ràdh, trì neo ceithir a sheachdainnean a-staigh dhan fharpais sin, tha sinn dol a dh'atharrachadh mar a tha cùisean gu bhith aig buil cùisean," thuirt e.

"Tha tomhais do thàmailt ann mu mar a thug Comànn na Camanachd seo gu ìre."