Chan fhaighnichear ceist na neo-eisimeileachd sa Ghàidhlig
- Published
Dhearbh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach tèid a' cheist ann an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a chur sa Ghàidhlig.
Dh'fhaighnich BPA Nàiseantach na h-Eaglaise Brice an Ear, Aonghas Dòmhnallach, an deadh am pàipear bhòtaidh fhoillseachadh sa Ghàidhlig.
Thuirt Nicola Sturgeon nach robh adhbhar ann sin a dhèanamh seach gun tuigeadh luchd-bruidhinn na Gàidhlig a' Bheurla math gu leòr.
Tha seo na bhriseadh dùil do dh'fheadhainn a tha ag iarraidh gun cuirear ceist na neo-eisimeileachd sa Ghàidhlig.
"Tha gu leòr a thuigeas a' Ghàidhlig cuideachd, agus chan eil iad a' faighinn an còirichean ann an iomadh raon," thuirt am bàrd Aonghas Dubh MacNeacaill.
"'S e rud caran brònach a bhiodh ann mur a faigheadh iad an còirichean, gu h-àraid ann am bliadhna far am bi iad a' cuimhneachadh air a' Chogadh Mhòr.
"'S dòcha gu bheil e caran annasach gun smaoinich daoine air ais, na chaidh a chall de Ghàidheil anns an àm a bha sin.
"Tha sin air barrachd milleadh a dhèanamh air àireamhan nan Gàidheal san là a th' againn an-diugh, na 's dòcha gnìomh sam bith eile.
"Ach bu chòir a' cheart uidhir de chliù a bhith aig a' Ghàidhlig 's a th' aig a' Bheurla, ma tha iad gu bhith onorach dhuinn," thuirt e.