Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Càrdanal Keith O'Brien

Tha a h-uile coltas ann gum bi rannsachadh ann taobh a-staigh a' Bhatacain, an dèidh dhan Chàrdanal Keith O'Brien, a bha na cheannard air an Eaglais Chaitligich an Alba aideachadh gun robh e ri dol-a-mach neo-iomchaidh. Dh'fhàg e a dhreuchd mar Àrd-Easbaig Chille Rìmhinn agus Dhùn Èideann an t-seachdain seo chaidh nuair a thàinig casaidean na aghaidh am follais gu poblach. Agus tha càrdanalan na h-Eaglaise a' cruinneachadh san Ròimh airson a' chiad phàirt den phròiseas gu ruige Pàp ùr a thaghadh.

HSBC

Bha prothaid ro chìsean de £13.7bn aig banca HSBC ann an 2012. Tha sin beagan nas lugha na bha eòlaichean a' sùileachadh, ach tha sin cuideachd a dh'aindeoin agus gun do phàigh HSBC càin de £1.2bn mu choinneimh chasaidean co-cheangailte ri airgead dhrogaichean ann am Meagsago.

In-imrich

Tha an Riaghaltas am beachd casg a chur air na gheibh in-imrich de thaic-airgid ann an sochairean sòisealta, agus tha iad a' feuchainn ri smachd a chur air na gheibh daoine aig nach eil cead air fuireach anns an dùthaich de chùram agus leigheas an asgaidh bhon NHS.

A' Bhan-rìgh

Tha làn-dùil gum bi a' Bhan-rìgh anns an ospadal là eile agus tinneas stamaig gastroenteritis oirre. Cha tèid i air adhart le dad den obair-phoblaich aice an t-seachdain seo.

Sgoiltean

Tha Coimisean Ath-leasachaidh nan Sgoiltean ag ràdh gu bheil an còigeamh cuid de na tha a' fàgail na sgoile an Alba le trioblaidean bunaiteach le litreachadh agus matamataig, agus gu leòr gun teisteanas. Tha an Coimisean ag iarraidh tuilleadh saoirse do sgoiltean gus am faod iad barrachd a dhèanamh do chloinn a tha feumach air tuilleadh taic.

Crainn-ghaoithe

Tha croitear à Leòdhas a tha ag iarraidh tuath-gaoithe beag a thogail am beachd tagradh an aghaidh Riaghaltas na h-Alba a dhiùlt cead dha. Tha Tormod Dòmhnallach ag iarraidh dà chrann-gaoithe a chur suas ann am Beàrnaraigh. Ach chuir Alba Aosmhor na aghaidh, agus iad ag ràdh gum bi na crainn rim faicinn bho Thursachan Chalanais.