Wavegen a' tarraing a-mach à Breatainn

  • Air fhoillseachadh
Cumhachd nan tonn
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil gun caill a' chuid mhòr den 18 duine an cosnadh.

Thuirt a' bhuidheann Ghearmailteach leis a bheil a' chompanaidh Wavegen gu bheil dùil aca gun caill cuid mhòr de luchd-obrach na companaidh ann an Inbhir Nis an cosnadh.

Thuirt Voith Hydro gu bheil iad a' dùnadh Wavegen agus a' tarraing a-mach à Breatainn ri linn 's nach eil gu leòr airgid ga chosg air sgeamaichean cumhachd nan tonn aig an àm seo.

Thòisich a' chompanaidh ann an 1990, 's choisinn iad cliù dhaibh fhèin anns a' ghnìomhachas.

Dh'fhulaing a' chompanaidh trioblaidean ionmhais ann an 2005 ge-tà, agus chaidh a ceannach leis a' chompanaidh Ghearmailtich, 's iad an dòchas sgeamaichean cumhachd nan tonn a stèidheachadh anns an Spàinn agus anns na h-Eileanan Fàrach.

Chaidh cùl a chur an-uiridh ri plana airson sgeama air taobh siar Leòdhais às dèidh do RWE nPower Renewables tarraing a-mach às a' phròiseact.

Thuirt tè de BhPA na Gàidhealtachd, an Làbarach Rhoda Ghrannd, gur e call a bhios ann an dùnadh na companaidh do dh'eaconamaidh na sgìre, na h-Alba agus Bhreatainn air fad.

Tha dùil gun tèid obraichean eile ann an Voith Hydro a thabhainn don luchd-obrach, ach gun caill a' chuid mhòr den 18 duine an cosnadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh