Airgead airson taigheadais shòisealta air Ghàidhealtachd

JCB aig làrach togail
Image caption Tha dòchas ann gum bi an t-airgead na bhrosnachadh do ghnìomhachas an togail

Gheibh ùghdarrasan ionadail ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean £7m airson tuilleadh thaighean sòisealta a thogail anns na sgìrean aca.

Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd £3.8m, Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid £1.8m agus Comhairle nan Eilean Siar £688,000.

Uile gu lèir tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £40m an sàs ann an oidhirp piseach a thoirt air suidheachadh taigheadais na dùthcha.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun cumadh an t-airgead obair ri mu 700 duine ann an roinn an togail agus ann an obraichean eile co-cheangailte ris.

Tha dùil gun tèid mìle taigh ùr a thogail air feadh Alba, thar an ath-dhà bhliadhna.

Bidh a' mhòr-chuid dhiubh sin ri fhaighinn air màl air prìs reusanta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile