Crainn-ghaoithe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tagradh mu chrainn-ghaoithe Bheàrnaraigh

5 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha croitear à Bearnaraigh Leòdhais am beachd tagradh a thogail an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba gun cead a thoirt dha chrann-gaoithe a chur an-àirde.

Tha Tormod Dòmhnallach airson na crainn a chur suas ann an Circeabost, ach chaidh cead a dhiùltadh dha leis gum biodh iad ri fhaicinn bho Thursachan Chalanais.

Tha e a-nis ag ràdh gun toir e a' chùis gu lagh, mar a tha Ruaraidh Rothach ag aithris.