Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaglais Chaitligeach

Tha an t-Àrd-Easbaig, Philip Tartaglia, a chaidh a chur an àite a' Chàrdanail Keith O'Brien anns an eadar-ama, air a bhith a' bruidhinn mu bhuaidh an sgainneil air an Eaglais Chaitligich. Thuirt an t-Àrd-Easbaig gun do rinn an sgainneal mu fheise agus an Càrdanal cron air ùghdarras moralta na h-Eaglaise, ach thuirt e nach e seo an t-àm idir gèilleadh ris na th' ann de chàineadh agus mì-chinnt mu cheannardas na h-Eaglaise.

Slàinte

Thàinig sgrùdadh farsainn dhan cho-dhùnadh gu bheil Breatainn a' tuiteam air dheireadh air dùthchannan eile an taoibh shiair ann a bhith a' dèiligeadh ri trioblaidean slàinte mar tinneas-cridhe agus stròc. Rinn an luchd-sgrùdaidh tomhas air mar a tha Breatainn air a bhith a' dèiligeadh ri cùisean slàinte thairis air 20 bliadhna an coimeas ri 18 dùthchannan eile.

Fàgail na Gearmailt

Tha dùil ri dearbhadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh fhathast gun tèid ceudan de shaighdearan Bhreatainn a tha stèidhichte sa Ghearmailt a ghluasad a dh'Alba, ach nach bi uidhir dhiubh ann 's a bha dùil. Tha e coltach gun tèid feadhainn de na saighdearan a ghluasad gu seann ionadan an RAF ann an Ceann Lois ann am Moireibh, agus an Luachair ann am Fìobha.

Ceist an Referendum

Tha Ceannard Bhòrd na Gàidhlig an dùil gun sgrìobh iad gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh a' cheist sa referendum air neo-eisimeileachd an ath-bhliadhna a chur sa Ghàidhlig a' cheart cho math ris a' Bheurla. Thuirt Iain Aonghas MacAoidh gur e cothrom a th' ann dhan Riaghaltas dearbhadh gu bheil iad a' toirt co-ionnanachd agus spèis dhan Ghàidhlig. Ron a seo, thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach eil feum air ceist sa Ghàidhlig, leis gun tuig Gàidheil a' Bheurla a' cheart cho math.

Drogaichean

Tha buidheann an UN a tha a' cumail sùil air mì-fheum dhrogaichean air feadh an t-Saoghail ag ràdh gu bheil fìor chunnart ann a-niste bho na drogaichean ris an canar Legal Highs, agus drogaichean ùra synthetic. Tha aithisg bhliadhnail na buidhne ag ràdh gu bheil an t-àrdachadh as motha riamh anns na drogaichean aig an àm seo.

Ospadal Gheusto

Tha fear de shliochd an duine a stèidhich a' chiad ospadal anns an Eilean Sgitheanach a' fàgail air NHS na Gàidhealtachd gun do reic iad an togalach gun chothrom a thoirt dhan choimhearsnachd a cheannach dhaibh fhèin. Tha Ospadal Gheusto anns an Aodann Bhàn air a bhith falamh airson seachd bliadhna. Dh'fhailich oidhirp sa choimhearsnachd air an togalach a cheannach leis gun robh prìs £250,000 air. Tha Ruaraidh Hilleary ag ràdh a-niste gun deach a reic air beagan is £100,000, 's tha esan mì-thoilichte nach deach fios a chumail riuthasan a bha airson an togalach a ghlèidheadh mar ghoireas dhan choimhearsnachd.