NHS ga chàineadh mu Ospadal Gheusto
- Air fhoillseachadh
Tha càineadh ga dhèanamh air NHS na Gàidhealtachd airson togalach eachdraidheil san Eilean Sgitheanach a reic gun fios a chumail ri buidhinn san sgìre a bh' airson a ghlèidheadh airson maith na coimhearsnachd.
Tha Ruaraidh Hilleary, fear de shliochd an uachdarain, Coinneach MacLeòid, a stèidhich Ospadal Gheusto bho chionn còrr agus ceud bliadhna, a' cumail a-mach gun deach a reic airson prìs mòran na b' ìsle na bha an t-ùghdarras slàinte ag iarraidh air a shon sa chiad dol a-mach.
B' e uncail seanmhair Ruaraidh Hilleary a bh' ann an Coinneach MacLeòid.
Nuair a bhàsaich e ann an 1879 dh' fhàg e airgead son a' chiad ospadail san Eilean Sgitheanach.
Nuair a dhùin Ospadal Gheusto bho chionn seachd bliadhna thòisich iomairt airson a ghlèidheadh mar ghoireas choimhearsnachd.
Bha NHS na Gàidhealtachd a' sireadh £250,000 air a shon - prìs ro àrd dhan bhuidhinn, a rèir Ruaraidh Hilleary.
Tha esan a' cumail a-mach gun deach an t-seann ospadal, taigh a tha na chois agus coille a reic toiseach na bliadhna airson £105,000 - naidheachd a tha a' cur feirg air.
Tha e ag ràdh, nan robh fios aca gun gabhadh bòrd na slàinte ri prìs cho ìosal dh'fhaodadh an goireas an-diugh a bhith leis a' choimhearsnachd.
Chan innseadh an t-ùghdarras slàinte dè a' phrìs a fhuair iad, agus thuirt iad gun do lean iad na riaghailtean mar a bu chòir.