Cùmhnant ùr luach £47m do dh'Àranais

Bidh Gàradh Àranais ann an Leòdhas a' tòiseachadh air cùmhant luach £47m as t-Samhradh, airson raon-gas Cygnus anns a' Chuan a Tuath.

Cumaidh sin cosnadh ri 60 luchd-obrach anns a' ghàradh, a tha an-dràsta a' crìochnachadh cùmhnant do raon-ola an iar air Sealtainn.

Tha an cùmhnant ùr airson ceithir seacaidean stàilinn, agus mairidh an obair chun an Earraich an ath-bhliadhna.