Taighean sòisealta ùra sna h-Eileanan Siar
- Published
Fhuair Comhairle nan Eilean Siar còrr 's £600,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson taighean soisealta a thogail.
Tha sin a bharrachd air airgead eile a chaidh ainmeachadh bho chionn ghoirid dhan Chomhairle fhèin agus Taigheadas Innse Gall.
Tha sin a' toirt £2.8m dhaibh airson taigheadais thairis air an ath-dhà bhliadhna.
"Bheir sinn còrr air 52 dhachaigh ùr dhuinn anns na h-Eileanan thairis air an dà bhliadhna," thuirt an Comh. Tormod MacLeòid, a th' air Buidheann-Obrach Taigheadais na Comhairle.
"Bidh iad sgapte air feadh nan Eilean. Tha sinn a' dol a thogail thaighean far an robh an sgoil ann am Baile na Creige ann am Barraigh, agus far an robh a' bhun-sgoil ann am Baile a' Mhanaich.
"Agus bidh sinn a' dèanamh tuilleadh thaighean aig Mealbost, far a bheil sinn air tòiseachadh a' dèanamh dhachaighean mar thà.
"Mar sin dheth, tha seo gu bhith uabhasach cuideachail dhan a h-uile duine air feadh nan Eileanan gu lèir.
"'S e glè ghlè bheag de dh'obair a th' ann air feadh nan Eileanan gu lèir aig an àm a tha seo agus 's ann mar sin, a rèir choltais, a tha e gu bhith, a thaobh 's gu bheil an t-ionmhas air a ghearradh sìos air feadh an t-Saoghail gu lèir.
"Bidh an obair-togail seo na misneachd mhòr do na cùmhnantaichean sna h-Eileanan a tha an dèidh a bhith a' dèanamh dhachaighean dhuinn thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt e.