Mì-chinnt a' Chàbail na bhuille do Wavegen

Càbal fon mhuir
Image caption Thàinig dàil mhòr agus leudachadh cosgais air sgeama a' chàbail, a tha riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar.

Thug a' mhì-chinnt mu chàbal dealain a thogail eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr buaidh mhòr air na thachair dhan chompanaidh chumhachd ath-nuadhachail, Wavegen, a-rèir an eòlaiche chumhachd ath-nuadhachail, Murchadh Moireach.

Thàinig dearbhadh an t-seachdain seo gu bheil a' chompanaidh leis a bheil Wavegen, Voith Hydro, gus an oifis aca ann an Inbhir Nis a dhùnadh.

Thuirt neach-labhairt, gu bheil iad a' tarraing a-mach à Breatainn seach nach eil gu leòr ga chosg air sgeamaichean cumhachd nan tonn.

"'S e Wavegen a' chiad fheadhainn a bha an sàs ann an gnothaichean nan tonn, leis an sgeama Limpet aca ann an Ìle," thuirt Mgr Moireach.

In-ionmhas

"Agus bha iadsan an dùil gur e Siadar air taobh siar Leòdhais an ath-sgeama a bhiodh aca.

"Agus dha-rìribh, bha fear de mhinistearan an Riaghaltais air tuirbìn 100kw prototype a chur air bhog ann an Ìle airson Siadar.

"Ach gu mì-fhortannach cha deach sin air adhart.

"Tha mi fhìn làn den bheachd gur ann air sgàth nach b'urrainn dha sin a dhol air adhart a cho-dhùin iad nach b'urrainn dhaibh leantainn orra ann an Alba.

"Tha iad a-nis air tarraing a-mach dhan Ghearmailt, agus tha e a' ciallachadh gur ann thall-thairis a bhios tòrr den obair seo a-nis a' dol air adhart.

"Tha e tàmailteach dha-rìribh a bhith a' faicinn sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cha-mhòr ìmpichte air an dà riaghaltas againn fhèin a dhèanamh cinnteach gu bheil càbal a' dol a thighinn airson gum faighear air adhart le gnothaichean ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar.

"Mur a tig an càbal chan eil cinnt sam bith gu bheil cumhachd a thèid a chruthachadh anns na h-Eileanan a' dol a dh'fhaighinn gu margaidh.

"Mur a bheil a' chinnt sin ann chan eil companaidhean a' dol a chur ionmhais a-steach, 's chan eil luchd-in-iomhais a' dol a thighinn a-steach air an cùlaibh.

"Bhiodh e fada na b'fheàrr nam biodh barrachd cho-obrachaidh eadar an Riaghaltas agus companaidhean dealain airson a dhèanamh cinnteach gu bheil na rudan a' tachairt," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile