Ionad Hiort a' gluasad air adhart

Hiort
Image caption Thuige seo 's e buidheann saor-thoileach a bha a' stiùireadh nam planaichean.

Chaidh companaidh a stèidheachadh airson planaichean gus ionad fiosrachaidh mu Hiort a stèidheachadh ann an Leòdhas a thoirt air adhart.

Chaidh co-dhùnadh ann an 2010 gur ann ann an Ùig' a bhiodh an t-ionad, às dèidh sgrùdaidh le Comhairle nan Eilean Siar.

'S e buidheann de mhuinntir an àite, Buidheann Leasachaidh Ionad Hiort, a th' air a bhith a' stiùireadh nam planaichean gus an deadh companaidh a stèidheachadh.

Adhartas

Thuirt aithisg chrìochnachaidh na buidhne gu bheil na planaichean air adhartas math a dhèanamh.

Chaidh an làrach a chaidh a thaghadh airson an ionaid a thoirt seachad leis an uachdaran, agus dh'aontaich comataidh ionaltaidh na sgìre ri iarrtas an talamh a thoirt a-mach à croitearachd.

Thèid bòrd fiosrachaidh a chur an-àirde aig an làraich ann am Mangurstadh a dh'aithghearr.

Tha a' chompanaidh ùr cuideachd an dùil manaidsear leasachaidh fhastadh am bliadhna.

Fhuair sgrùdadh a chaidh a dhèanamh am measg mhuinntir Ùige gun robh 72% dhiubh a' cur taic ris na planaichean, 15% na aghaidh agus 13% a bha mì-chinnteach neo nach tug beachd seachad taobh seach taobh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile