Duine air a mharbhadh an Inbhir Ghòrdain
- Published
Tha Poilis a' dèiligeadh ri tachartas aig clàr-ola ann an Inbhir Ghòrdain far an deach duine a mharbhadh tràth Diciadain.
Chaidh a' chùis a thoirt gu aire nam Poileas mu 06:50m.
Thathas a' tuigsinn gun do thuit e far a' chlàr-ola.
Chaidh a' chùis a chur gu Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd agus thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.
Cha tèid an duine ainmeachadh gus an tèid fios a chur air a theaghlach.