Boireannach, 94, a' dol às àicheadh bàs adhbharachadh

Tha boireannach à Gallaibh, a tha 94, air a dhol às àicheadh gur i a bu choireach ri bàs bhoireannaich ann an tubaist-rathaid faisg air Inbhir Ùige ann an 2011.

Bhuail an carbad a bha Alice Ross, à Liabost, a' dràibheadh ann an Elaine Dunn, à Leicester.

Chaidh ise a mharbhadh, agus an duine aice a dhroch ghoirteachadh.

Tha Alice Ross ag ràdh gur e cion-slàinte bu choireach ris an tubaist, agus gun robh i gun mhothachadh aig an àm, seach gun tàinig am bruthadh fala aice a-nuas gu h-obann.