Sgrùdadh air fàire air oighreachd Chàrlabhaigh

Dùn Chàrlabhaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bhitheadh dùil ris an aithisg a bhith deiseil uaireigin as t-Samhradh.

Dh'fhaodadh gu bheil adhartas air fàire a thaobh Coimhearsnachd Càrlabhaigh ann an Leòdhas a bhith a' ceannach an fhearainn aca fhèin.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh a tha os cionn chùisean ag ullachadh airson companaidh neo-eismeileach fhastadh airson sgrùdadh a dhèanamh air an dà chuid na buannachdan agus na duilgheadasan a dh'fhaodadh a bhith an lùib gluasad de a leithid.

Tha muinntir Chàrlabhaigh am measg grunnan choimhearsnachdan sna h-Eileanan an Iar a tha a' beachdachadh air feuchainn ri sealbh fhaighinn air an fhearann aca fhèin an-dràsta.

"Tha sinn aig ìre an-dràsta far a bheil sinn a' cur a-steach airson airgead a bhith againn, agus gum faigh sinn an uair sin air luchd-comhairleachaidh a thàladh a nì aithisg dhuinn a dh'innse dhuinn a bheil e iomchaidh an oighreachd a cheannach no nach eil," thuirt Cathraiche na buidhne-stiùiridh, Coinneach Mac'Illinnein.

"Bhiodh dùil againn an luchd-comhairleachaidh sin fhaighinn an ceann mìos no dhà chanainn.

"Mar bhuidhinn-stiùiridh chan eil sinne ga chur an dàrna taobh no an taobh eile. Tha e an urra ris a h-uile duine sa choimhearsnachd iad fhèin an inntinn a dhèanamh an-àirde ri linn na chì iad anns an aithisg a tha sin.

"Chanainnsa gur dòcha gum biodh an aithisg againn, tha mi a' smaoineachadh as t-Samhradh uaireigin," thuirt e.